Dachaigh

Fàilte chridheil chàirdeil oirbh do làrach-lìn Dòrlach!

(dòrlach – ainmear fir. /t̪ɔːrˠl̪ˠəx/ 1. làn do làimhe; cròglach 2. grunnan)

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsear! Tha Dòrlach na meanbh-chatharranais Albannach ag amas air co-oibreachadh 's càirdeas a bhrosnachadh am measg mion-sluaighean air feadh an t-saoghail agas air tilleadh a dh'ionnsaigh chleachdainnean Gàidhealach ann an Alba.

Tha fàilte oirbh ar leantainn leis a h-uile meadhan-sòisealta àbhaisteach @DorlachAlba agas ma tha sibh a' faireachdainn gun b' urrainn dhuibh cur ris an obair againn, dèanaibh sin leis na putain tabhartais aig a' bhonn.

Le taic bho Bhòrd na Gàilig.

MAC-UAIMHE

Co-oibreachadh ciùil eadar Yt DiNGO is Àdhamh Ó Broin.

Seo co-oibreachadh ùr eadar ar ceannard Àdhamh Ó Broin is neach-ciùil Àstraileach ealanta Yt DiNGO. Tha dealbh an òrain a-mach a-niste ‘s tha e ri fhaotainn. Bheir Yt DiNGO 50% de phrothaidean an òrain do Dhòrlach.

Gàidhealtachd air Dearmad

Bloga ùr mìosail a' toirt seachad earrannan ás na leabhraichean-latha Dhàibhidh MhicLeòid, bràthair-sin-seanair a' Cheannard Dòrlaich Àdhaimh MhicLeòid, air feadh an àm eadar 1874-1892 ann an Sgìre Latharn, Gallaibh. A' tòiseachadh air an 148mh ceann-bliana bho chaidh na leabhraichean-latha a sgrìobhadh, tha fiosrachadh a bharrachd air a’ bhloga mu dheidhinn sloinntearachd, eachdraidh ionadail agus dualchainnt Ghàilig Sgìre Latharn agus àiteachan mun cuairt.

Ròp Sàmhach

Cumaidh sinn ròp "sàmhach" air son na deilbh bhriagh seo le neach-ealain 's buachaille Brad Phares air a' bheil an t-ainm An Gàidheal Dh'iarr sinn air Brad dealbh a dhianamh de'n Ghàidheal gun ainm a tha san t-suaicheantas againn. Tha sinn an dòchas nach eil e ro fhollaiseach có am fear a bha na mhodail dhuinn!

Cuiribh tairgse gu: rop@dorlach.scot
Minimum bid £200 – please put the amount you want to bid in the subject line. Bidding will close some time in the New Year.

1 week ago

MUINNTIR ATH-THARACAILLBha latha briagh de dh’aoigheachd againn taobh iar-thuath Arra-Ghàidheil bho chionn beagan sheachdainnean ‘s sinn a’ cur Catrìona Chamshron ‘s a teaghlach fo agallamh!We received a lovely day’s hospitality in the NW of Argyle a few weeks ago as we put Cathie and family through their paces with our Gaelic vocabulary questionnaire!#Gàidhlig #Gaelic #Scottishgaelic #Dùthchasach #Tùsanach #Indigenous #Cleachdi #Alba #Scotland #Gàidhealtachd #Highlands #Gàidheal #Gael #Gaels #Highlander #Highlanders #ÀdhamhÓBroin #Carthannas #Charity #Clan #Feildwork #Ardnamurchan See MoreSee Less
View on Facebook

2 months ago

SGIOBA DÒRLACH A-MACH AIR CHUAIRT A-RITHISTBho chionn beagan sheachdainnean, chaidh Dòrlach a-mach air an rathad gus cumail orra leis an obair-chruinneachaidh a tha air a bhith air dòigh air son a’ cheisteachain againn.A few weeks ago, Dòrlach went out on the road in order to keep going with the collection work that has been underway for our questionnaire.Seo agaibh Seumas mór MacFhionnlaigh, Àdhamh Ó Broin agas Ian “an Cléiteanach” Clayton.Here are the crew, named above.‘S e an aobhar air son an ceisteanair gu bheil sinn air son ionnsachadh dé na facail a bhios air an cleachdadh fhathast am measg muinntir Gàidhealtachd na h-Alba.The reason for the questionnaire is that we are for learning which words are still used amongst the native inhabitants of Scottish Gaeldom.’S e na tha fa-near dhuinn a shoilleireachadh gu bheil prógram mór déireannach de chruinneachadh a dhìth sna mìosan a tha romhainn leis gu bheil facail a’ dol à cuimhne ’s daoine a’ gabhail rathad na fìrinne mus faigh sinn an cothrom ionnsachadh bhuapa.Our intention is to clarify the fact that a final systematic collection is necessary in the months that lie ahead of us due to the fact that words are going out of memory and people are taking the road of truth (passing away) before we get the chance to learn from them.Feumaidh sinn taic fhaighinn cho luath ’s as urrainn dhuinn gus na facail Ghàilig a tha air fhàgail a chruinneachadh gus an toirt seachad do na coimhearsnachdan às am bun iad air son nam blianaichean ri thighinn.We must secure support as quickly as we can and collect the Gaelic words that are left in order to give them back to the communities they belong to for future use.Tuilleadh dhealbhan an ceann ghreis!More pictures in a little while!#Gàidhlig #Gaelic #Scottishgaelic #Dùthchasach #Tùsanach #Indigenous #Cleachdi #Alba #Scotland #Gàidhealtachd #Highlands #Gàidheal #Gael #Gaels #Highlander #Highlanders #ÀdhamhÓBroin #Carthannas #Charity #Clan #Feildwork #Ardnamurchan See MoreSee Less
View on Facebook

Thoiribh Tabhartas

Gu robh math agaibh

Le gach beannachd air an àm,

– Dòrlach

Dòrlach is Scottish Charitable Incorporated Organisation SC05016