Dachaigh

Fàilte chridheil chàirdeil oirbh do làrach-lìn Dòrlach!

(dòrlach – ainmear fir. /t̪ɔːrˠl̪ˠəx/ 1. làn do làimhe; cròglach 2. grunnan)

Lean gu dlùth ri cliù do shinnsear! Tha Dòrlach na meanbh-chatharranais Albannach ag amas air co-oibreachadh 's càirdeas a bhrosnachadh am measg mion-sluaighean air feadh an t-saoghail agas air tilleadh a dh'ionnsaigh chleachdainnean Gàidhealach ann an Alba.

Tha fàilte oirbh ar leantainn leis a h-uile meadhan-sòisealta àbhaisteach @DorlachAlba agas ma tha sibh a' faireachdainn gun b' urrainn dhuibh cur ris an obair againn, dèanaibh sin leis na putain tabhartais aig a' bhonn.

Le taic bho Bhòrd na Gàilig.

MAC-UAIMHE

Co-oibreachadh ciùil eadar Yt DiNGO is Àdhamh Ó Broin.

Seo co-oibreachadh ùr eadar ar ceannard Àdhamh Ó Broin is neach-ciùil Àstraileach ealanta Yt DiNGO. Tha dealbh an òrain a-mach a-niste ‘s tha e ri fhaotainn. Bheir Yt DiNGO 50% de phrothaidean an òrain do Dhòrlach.

Gàidhealtachd air Dearmad

Bloga ùr mìosail a' toirt seachad earrannan ás na leabhraichean-latha Dhàibhidh MhicLeòid, bràthair-sin-seanair a' Cheannard Dòrlaich Àdhaimh MhicLeòid, air feadh an àm eadar 1874-1892 ann an Sgìre Latharn, Gallaibh. A' tòiseachadh air an 148mh ceann-bliana bho chaidh na leabhraichean-latha a sgrìobhadh, tha fiosrachadh a bharrachd air a’ bhloga mu dheidhinn sloinntearachd, eachdraidh ionadail agus dualchainnt Ghàilig Sgìre Latharn agus àiteachan mun cuairt.

Ròp Sàmhach

Cumaidh sinn ròp "sàmhach" air son na deilbh bhriagh seo le neach-ealain 's buachaille Brad Phares air a' bheil an t-ainm An Gàidheal Dh'iarr sinn air Brad dealbh a dhianamh de'n Ghàidheal gun ainm a tha san t-suaicheantas againn. Tha sinn an dòchas nach eil e ro fhollaiseach có am fear a bha na mhodail dhuinn!

Cuiribh tairgse gu: rop@dorlach.scot
Minimum bid £200 – please put the amount you want to bid in the subject line. Bidding will close some time in the New Year.

2 weeks ago

COINNEAMH CHOITCHEANN BHLIANAIL | AGM 2024Beannachdan Latha Bhuidhe Bhealltainn dhuibh uile.Bidh a’ Choinneamh Choitcheann Bhlianail againn a-nochd aig 19:00 àm Albannach cuir fios thugainn air son ceangail Zoom.Our #AGM is tonight at 19:00 Scottish time contact us for a Zoom link.Dealbh le / photo by Seumas MacFhionnlaigh © 2024#Gàidhlig #Gaelic #Scottishgaelic #Dùthchasach #Tùsanach #Indigenous #Cleachdi #Alba #Scotland #Gàidhealtachd #Highlands #Gàidheal #Gael #Gaels #Highlander #Highlanders #ÀdhamhÓBroin #Carthannas #Charity #Clan See MoreSee Less
View on Facebook

4 weeks ago

DÒRLACH AGM 2024Tha fàilte oirbh uile tighinn cruinn comhla aig a’ choinneimh choitcheann bhlianail againn, Di-Ciadain Latha Buidhe Bealltainn agas as déidh ghnothaichean foirmeil, bidh cothrom ann air son cheistean ‘s beagan comhradh.Extending a warm welcome to all to join us at our AGM on Wednesday the 1st and after formal business we will open up to questions and some discussion.Nach cuir sibh fios thugainn ma tha sibh an dùil a bhith an lathair ‘s cuiridh sinn ceangal Zoom thugaibh.Let us know if you want to attend and we’ll send you the Zoom details.01/05/24 – 19:00Dealbh le / photo by Seumas MacFhionnlaigh © 2023Sealladh air Loch Lìobhann bho mhullach nan Gruagaichean#Gàidhlig #Gaelic #Scottishgaelic #Dùthchasach #Tùsanach #Indigenous #Cleachdi #Alba #Scotland #Gàidhealtachd #Highlands #Gàidheal #Gael #Gaels #Highlander #Highlanders #ÀdhamhÓBroin #Carthannas #Charity #Clan See MoreSee Less
View on Facebook

Thoiribh Tabhartas

Gu robh math agaibh

Le gach beannachd air an àm,

– Dòrlach

Dòrlach is Scottish Charitable Incorporated Organisation SC05016