Togail Airgid

MAC-UAIMHE

Co-oibreachadh ciùil eadar Yt DiNGO is Àdhamh Ó Broin.

Tha dealbh an òrain a-mach a-niste ‘s tha e ri fhaotainn.

Tha an t-òran ùr seo stéidhichte ann an sgeul-beatha YT DiNGO sna beagan bhlianaichean a dh’fhalbh ‘s e ‘tilleadh a dh’Alba air son rathad a shinnsearan a ghabhail. Tha e air cuid mhath da bheatha a chur seachad am measg thùsanaich na h-Àstraile, ag ionnsachadh mu dhéidhinn na dùthcha san do thogadh e. Bha an t-àm ann a-nis dol air ais gu Tìr nan Gàidheal ‘s nan Cruithneach, crìochan Sgìrean Aonghais, Pheairt ‘s Fìobha. ‘S ann ann a sin a thachair e air ar cathraiche Àdhamh ‘s thòisich iad ag obair air iomairtean a bheireadh seachad an sgeul seo gu h-ealanta. Tha an t-òran a’ measgachadh ceòl pop le spiorad mór, facail ràp le sean-fhacail ‘s orthan à dualchas Gàidhealach. Théid an dàrna pàirte de’n airgead a thogas an t-òran seo do Dhòrlach air son Cothrom na Féinne bhith againn ‘s sinn ris an t-saothair leantainneach gus spéis a shealltainn do dhìleab nan Gàidheal. Tha sinn an dòchas gun còrd e ruibh!

Ròp Sàmhach

Cumaidh sinn ròp "sàmhach" air son na deilbh bhriagh seo le neach-ealain 's buachaille Brad Phares air a' bheil an t-ainm An Gàidheal Dh'iarr sinn air Brad dealbh a dhianamh de'n Ghàidheal gun ainm a tha san t-suaicheantas againn. Tha sinn an dòchas nach eil e ro fhollaiseach có am fear a bha na mhodail dhuinn!

Gun chéis: 51x41cm (20″ x 16″) – Le céis: 66x55cm (26″ x 22″)

Cuiribh tairgse gu: rop@dorlach.scot

Dùinidh an ròp uaireigin sa bhliana ùir.
Bun-tairgse £200 - cuiribh an t-sùim a tha sibh air son tairgseadh do phost-d mar chuspair.
Ghearradh tabhartas sam bith a bheir an neach-bhuannachaidh seachad san àm a bhios an ròp fosgailte bhon tairgse a reinn iad.
Ma tha ùidh ann, tha sinn a’ beachdachadh air cló-bhualaidhean a dhianamh air son an reic - nach leig sibh fios thugainn nuair a nì sibh tairgse ma tha sibh ag iarraidh fear mur am buannaich sibh an dealbh.
Tha an comharra-uisge ann air son casg a chuir air clò-bhualaidhean fuadan.

Bhiomaid uabhasach taingeil air son tabhartasan sam bith, ma ’s urrainn dhuibh tairgse a dhianamh no nach urrainn.