Sgioba

Air son fios a chur thugainn, cleachd: gaelic@dorlach.scot

Àdhamh MacLeòid Ó Broin | Ceannard & neach-trusaidh | adhamh@dorlach.scot

Chaidh togail Àdhaimh taobh Chomhaill, Arra-Ghàidheal. Buinidh a mhuinntir do dh'Éirinn 's Gallaibh. Is e·san a' chiad neachd a thog teaghlach le Gáilig Dhail Riada Dalriada Gaelic bho chionn 80 bliana. Mar an ciadna, tha e air a bhith ag obair air ath-bheothachadh Gàilig Sgìr Latharn, às an tàinig muinntir a mhàthair.

Tha Àdhamh air móran seanchas a thogail ré nam blianaichean a' siubhail nan rathaidean beaga air Gàidhealtachd na h-Alba 's a' tadhal air seann Ghàidheil. 'S e tha na amas aige a bhith a' feuchainn air di-cheannsachamh nan Gàidheal le bhith a' brosnachadh dàimh ùr a dhianamh le dualchas, cànan 's dòigh-bheatha.

Fañch Bihan-Gallic | Rùnaire | fanch@dorlach.scot

'S ann às Eilean Arzh taobh na Breatainne Bige a tha Fañch, fear a tha air cànan a mhuinntir a thoirt air ais beò san teaghlach aige. Tha Gàilig fhileanta aige cuideachd agas tha e air a bhith an sàs ann an gnothaichean co-cheangailte ris a' chànan againn bho chionn bhlianaichean a-nis. Reinn e maighstireachd 's PhD taobh Obar-Dheathain 's Dùn Éidinn.

Tha Fañch a' fuireach ann an Eilean na Hearadh an-dràsta agas tha e ag aorpachadh air facail 's seanchas an àite a chruinneachadh.

Bidh e ag obair mar Mhaor-dùthcha Coimhearsnachd na Hearadh.

Magaidh Nic a’ Ghobhainn | Neach-urrais | magaidh@dorlach.scot

Rugadh 's thogadh Magaidh ann an Eilean Leódhais. Tha i 'fuireach ann an croit far an robh sia ginealachan da muinntir air thoiseach oirre. Tha ùidh annamhor aice ann an dualchas 's eachdraigh nan Gàidheal agas i a' cruinneachadh fhacail, sgeulachdan 's fiosrachadh a théid a chur ann an sgrìobhadh, obair coimhearsnachd-réidein, pod-chraolaidhean 's dealbhan-cluiche.

Tha Magaidh glé dheònach cur ri amas na buidhne gus dualchainntean 's dualchas nan Gàidheal fhàgail fosgailte do dhaoine fad nan linntean ri thighinn.

Alasdair MacIlleBhàin | Neach-urrais | alasdair@dorlach.scot

Alasdair belongs to the Isle of Mull in Argyll.  His current research as a fellow at the University of Glasgow focusses primarily on the place-names of Mull and Glasgow but his work includes a range of other aspects of Gaelic, Celtic and Scottish Studies, especially folklore, linguistics, literature and song.

Ian Clayton | Neach-urrais & neach-raoin

'S ann à Reno, Nevada sna Stàitean Aonaichte a tha Iain "an Cléiteanach". Tha e an sàs ann an obair air Gàilig na h-Alba an-dràsta, gu somhraichte an audio-visual corpus de Ghàilig-labhairt a chaidh a chur air dòigh (an co-oibreachadh le Mike Hammond, Andrew Carnie agas Muirgheal Fisher nach maireann taobh Olthaigh Arizona). Tha Iain air móran ùine a chur seachad air an rathad comhla ri Àdhamh 's iad a' cruinneachadh beul-aithris 's fhacail nan Gàidheal, an toiseach eadar 2015-2018 (air a mhaoineachadh leis an US National Science Foundation)agas bho 2022 gus an latha an-diugh (air a mhaoineachadh le airgead a thug a' phoblachd seachad).

Eleanor Wood | Neach-urrais

Neach-urrais | Neach-urrais

Calum Rosach | Neach-urrais

Rugadh 's thogadh Calum ann an Obar Dheathain 's tha e air a bhith an sàs ann an cùisean Gàilig sa bhaile bho cheann deagh thacain. Bha e riamh a' cur suim sna dualchainntean, sgeulachdan 's òrain agas thug an ùidh seo fhéin cothrom dha bhith a' faighinn obair le Olthaigh Ghlaschu agas DASG. Tha Gàilig fhileanta aig Calum agas eòlas aige air dualchainntean 's seanchas nan Gàidheal. Tha e na cheòladair comasach mar an ciadna.

Toby Virgo | Neach-ionmhais | ionmhas@dorlach.scot

'S ann à Birkenhead, Merseyside, Sasainn a tha Toby. Tha e a' cur a làn-taic ri obair na buidhne 's mar sin, thabhainn e a chomas mar neach-ionmhais dhuinn. Tha e 'fuireach ann an Glaschu, Alba.

Friseal MacFhearghais | Fear-deasachaidh-lìn

'S ann à Gàidhealtachd Siorramachd Pheairt a tha Clann 'ic Fhearghais. Tha Friseal air a bhith ag obair gu dìcheallach ré nan deich blianaichean a chaidh seachad gus * Gháilig Dhail Riada a chur air a chois, gun tighinn air iomadh chomas duideatach eile a th' aige. Tha e 'fuireach ann an Dùn Bhlàthain leis a chù, Ruairidh.

Seumas MacFhionnlaigh | Oifigear nan Iomairt Dhealanach | gaelic@dorlach.scot

Buinidh Seumas Mór do dh'Eilean Arainn far an thogadh e ann am fear de na bailtean mu dheireadh bhon àm ro Na Fuadaichean agas tha dùthchas làidir aige sa Bhràighe taobh an Eilein Sgitheanaich far an buin muinntir a mhàthair air son iomaidh ginealach. Tha ùidh mhór aige ann an dualchainntean 's beul-aithris nan Gàidheal agas tha e gu math toilichte bhith nar cuideachd an seo aig Dòrlach mar Oifigear nan Iomairt Dhealanach. Is Seumas am prìomh neach-conaltraidh @DorlachAlba 's bidh e ag obair air susbaint ùr sgoinneil air son an urrais. Mar an ciadna, bidh e a-mach air an rathad an-dràsta 's a-rithist leis ar luchd-raoin a' dianamh cunntas air an obair aca.

Tha taic aig Dòrlach bho Bhòrd na Gàidhlig | www.gaidhlig.scot